Còmhradh mun cuairt air an fheadhainn mu
dheireamh às an Apainn aig an robh Gàidhlig le Pàraig MacNeacailll à
Port na h-Apann....
A conversation with Paddy MacNicol of Port Appin about the last speakers of the Appin dialect....
Àdhamh:
"Tha mi a' feuchainn ri beagan de eòlas a thrusamh air na
luchd-labhairt mu dheireamh anns an Apainn. Cùin a shiubhail ead uile?"
Pàraig:
"Bha Gaidhlig aig Clann
MhicAonghais aig Druimnahurich ann am Port na h-Apann, croit beag
direach air cul na taighean ura far an robh t' athair a' fanachd"
Àdhamh:
"O tha mi tuigsinn"
Pàraig:
"Bha da phiuthar agus brathair a' fuireachd ann, shiubhail na
peathraichean trath 's na 1960s agus shiubhail Domhnall am brathair ann
an 1966, 's e Domhnall Tuairnear a theireadh iad ris (dh' fhaoidte gur e
tuairnear a bu cheaird do athair?) Chan eil fhios agam. B' e aon do na
peathraichean, Bella, an tidsear aig Sgoil Phort na h-Apann, tha mi
smaoineachd gur e 'MacGinty' a theireadh iad rithese, ge b' e carson
chan eil fios no forfhais agam.
Ri m' chuimhne fhein b' e fear a
bha cairdeach dhaibh, ann an rathad air choireigin, Aonghas MacCoinnich
a bha comhnaidh ann an Druimnahurich, tha mi smaoineachd gur ann a
Luing a bha esan agus cho fad is fiosrach mi bha Gaidhlig aige
cuideachd, shiubhail esan ann an 1989 tha mi smaoineachd"
Àdhamh:
"O seamh? Dè mun cuairt air na Collaich, a bha nam pàirt den t-'Survey'?""
Pàraig:
"Shiubhail Sam MacColla ann an 1965, bha e 88 bliadhna a dh' aois,
shiubhail a bhean Mairi bliadhna roimhid sin, 's e Ban-Sgitheanach a bh'
inntese.
Shiubhail Mrs MacColla, Port na Croise (a rinn an
survey le Tony Dilworth ann an 1955) ann an 1973, bha i 80 bliadhna a
dh' aois, shiubhail an duine aice ann an 1957 no 58, tha mi a'
smaoineachd. Bha Gaidhlig aigesan agus 's e fear a mhuinntir an aite a
bh' ann cuideachd.
Bha Gaidhlig aig mathair Ailig agus
Seonaidh MacCorcadail, Inbhir Pholla, shiubhail ise ann an 1981
(sinn-seanmhair Joy Dunlop).
Tha mi smaoineachd gun robh
Gaidhlig aig Bobby the Post (Bobby Mac a' Mhaolain) agus aig a phiuthar
Morag, shiubhail iadsan trath 's na 1970s, bha iad a' fanachd aig Bioran
Dubh, tha an taigh san robh iad a' comhnaidh 'na larach an diugh, tha e
aig braigh a' bhruthaich, direach mun ruig thu am Manse"
Àdhamh:
"Gu dearbh. Agus dé mun cuairt air an fheadhainn a chlàraich David Clement, tuillidh air Ciorstan Chamshron?"
Pàraig:
"Tha mi cinnteach gun do thachair e air cuid de na Rosaich cuideachd,
's e teaghlach mor a bh' anntasan anns an Apainn agus bha coignear
dhiubh fhathast beo anns na 1970s co-dhiu. Shiubhail Tommy ann an 1982,
Hugh ann an 1985, Domhnall ann an 1988, agus Morag ann an 1991, bha
brathair eile ann Iain ach chan eil fhios agam cuin a shiubhail esan.
Bha Gaidhlig aca uile.
Bha cuideachd fear eile ann aig an robh
Gaidhlig dar a bha mise beag, Ailean Mac an Leigh, bha esan a' fuireachd
ann an Gleann Crearan ach chan eil mi idir cinnteach an ann don Apainn a
bhuineadh e, shiubhail e ann an 1991, 's e duine fiosrach a bh' ann"
No comments:
Post a Comment