Featured post

Bloga Ùr – New Blog

Tha sinn air a’ Bhloga againn ath-nuadhachadh: We have renewed our Blog: http://dorlach.scot/category/blog Chaidh a chur air bhog mar phàirt...

Wednesday 27 February 2013

Dé tha an DROITSEACH air a bhith dèanamh an t-seachdain-sa?

Dé tha an DROITSEACH air a bhith dèanamh an t-seachdain-sa?

What has DROITSEACH been up to this week?

Co-dhiù, tha sinn air a bhith bruidhinn ri TOSGAIREAN eile, airson 's gum bith daoine comasach, misneachail againn ann an àiteachan eile an Alba. Tha sinn air a bhith uamharraidh mothachail nach eil duine sam bith againn idir à taobh mach Arra-Ghàidheil! Bithidh h-aon no dithist ùr a' tighinn gu bàrr ceann tacain....

Well, we've been talking to other potential ambassadors, so that we can have capable, passionate people in other areas of Scotland. We have been very aware that we actually don't have anyone yet from outside of Argyll! There'll be one or two appearing in the next wee while....

A-raoir, thachair mi fhéi' agus an còrr den bhuidheann ri Dàibhidh MacLaghmainn ann an Taigh-òsta Ìle airson pìnnt no dithist. Chuir sinn seachad trì uairean ag éisteachd ri Dàibhidh agus e ag innseamh sgeultan dhuinn mun cuairt air na làithean a chur e seachad leis fhéi' no le Iain MacAonghais no Iain Frisealach a' siubhal na Gàidhealtachd air fad an toir nan luchd-labhairt mu dheireamh de na h-uile dualchainnt anns na 1970an agus 1980an....

Last night, myself and the rest of the team met up with David Clement, formerly of the School of Scottish Studies and spent a thrilling three hours with a pint or two listening to stories of his trips all round the Highlands alone or sometimes with John MacInnes or Ian Fraser, often in search of the last native speakers of Scotland's dialects in the 1970s and 1980s....

Agus oidhche Haoine, cluinnidh sibh Gàidhlig Chomhghaill agus Gàidhlig Leódhais ri chéile nuair a bhitheas Àdhamh agus Carina NicLeòid a' bruidhinn ri MacIlleMhìcheil aig Réidio nan Gàidheal....

And Friday night, be sure to tune into Radio nan Gael to hear the Cowal and Lewis varieties of Scottish speech together as Àdhamh pays another visit to John Carmichael, this time with Carina MacLeod....

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall

No comments:

Post a Comment