Featured post

Bloga Ùr – New Blog

Tha sinn air a’ Bhloga againn ath-nuadhachadh: We have renewed our Blog: http://dorlach.scot/category/blog Chaidh a chur air bhog mar phàirt...

Wednesday 27 February 2013

Griogair Labhruidh

Shin sibh uile!

‘S e tha am beachd dhomh ach crioman (fragment) a chuir an àird a h-uile latha.

Saoil leam gum b’ e sin an dòigh as fheàrr dhuinn agus nan cuireadh sibh cèisteanan orm, chuideachadh sin.

Bidh corra mearrachd na chois cuideachd chionn chan eil tiom agam ceartachadh a dheanadh air na sgrìobhas mi.

Cuimhnichibh nach fhaigh sinn ach blasad (taste) glè-bheag air an dòigh seo chionn ma tha a dhith oiribh làn fhorthais (full understanding) fhaodainn feumaidh sibh a bhith nar measg a-bhos san dùthaich agam airson treis.

‘S e an dòigh litreachaidh a th’ agam-s' an dòigh a bhios na h-uile (everyone) a’ cur an cleachdadh (practice/use) ‘s mar sin fhèin, ma tha a dhith oirbh am blas a thogail, feumaidh sibh a bhi gar (pronounced 'ger') n-èisteachd. Cuiridh mi an àird ceangal no dha do Thobar an Dualchais airson samhlaidhean a thoirt dhuibh den bhlas.

Cuimhnichibh gur sinne a’ chrìoch eadar Arra-Ghàidheal agus Loch Abar, ‘s mar sin fhèin tha sinn car eadar a dhà. Gàdhlig Arra-Ghàidheal is Gàidhlig Loch Abair.

Chan ionnan Gàidhlig Ghleann a’ Comhann is Gàidhlig Bhaile Chaolais.. Ar leam chan ionnan Gàidhlig an Lòn Fheàrn agus Gàidhlig an t-Sraid Ghil.. Dà àite nach eil ach slatan air fhalbh bho chèile anns a' bhaile.

Tha Gàidhlig Bhaile Chaolais na measgachadh eadar meall dhiubhar bhuaidhean. Ann an 1870 bha 700 duine ag obair ‘s a chreag (slate quarry) a thuillidh air balaich a bha a' cur a-mach sgleata beag' (undersized). Chuir iad a-mach 7 miollan lic (slates) ‘s a bhliadhna ud. ‘B i a’ Ghàdhlig a chleachd na h-uile ‘s a’ chreag san àm sin. Thug am beagan teaghlaichean a thàinig a-staigh don àite ag obair ‘s a’ chreag diubhar bhlasan leoth’ ‘s bha ar teanga, ar n’ òrain agus ar misneachd mar Ghàidheil uile air an daingneachadh throimh na sin.

Mar shamhla, theireadh mo mhuinntir-s’ , na Labhraich (Lowries/Lawries), a thàinig a Sron t-Sìtheinn anns na 1840mhan “falbh” air fhuaimneachadh “foowa”, theireadh teaghlaichean eile “fawa”.

Chluinnteadh gu-ainmig (rarely) cuideachd “Fowov”, “fawav”, “Fala”, “falav”.. etc.

Mar a thubhairt am bodach a bh’ ann an Suaineirt timcheall air a mhuinntir fhèin; "cha robh a’ leithid de mheasgachadh anns an airc a bh’ aig Noa."

Cha robh muinntir a' Ghlinne "na Glinneagan" (glencoemen) cho Abrach 's a bha sinne agus bha riamh BEAGAN gamhlas air choireigin eadardhuinn gu ire. Bha seo nochte aig geamaichean Camanachd!

Bha sin a' dol air ais do na diubhar fheadhainn a bh’ air an dà thaobh don loch (loch leven) bho shean: Camaranaich Challairt (Camerons of Callart) Clann Choinnich agus Clann Aonghais an Omhanaich, Stiubhartaich agus Lèighich (Livingston -"Sliochd a Bheothachan Mhollaich") Bhaile Chaolais (‘on d’thàinig cuid dem sheòrs fhèin), Clann an t-Saoir (meang dhiubh a bh’ air an taobh tuath den loch), Clann Iain (Dòmhnallaich), clann ‘ic Fhraing agus clann Eunraig Ghleann a’ Comhann agus a’ chiad teaghlach a bh’ ann an Gleann a’ Comhann riamh na Druimeanaich.

Ach coma leibh co-dhiù, tuillidh mu eachdraidh an àite ri tighinn!

Bha sinne air a' cheart dhoigh leis a' chuid as fheàrr don Gàidhealtachd far an robh bailtean beaga agus sluagh mòr a’ fuireachd annda. Mar shamhla ann an Èirisgaigh bha measgachadh de dhaoine à taobh an Ear Uibhist a Deas, Barraigh na h-eileanan beaga mar Fhudaigh ‘s mar sin. Sin na dh’fhàg na h-àiteanan a’ sin cho làidir ann am beul-aithris òrain agus ceòl cuideachd.

Air dhòigh ge tà b’ e sin na neartaich ‘s a dh’altruim ar dualchas a bhith cho làidir làmh ri meall de dh’àiteanan eile mun cuairt oirinn.

Bha sin ag obair am measg a chèile a h-uile latha ‘s a’ chreag a’ bruidhinn na Gàidhlig ‘s ag obair air òrain is ceòl aig oidhche agus theagamh nach anns às a’ sin a dh’èirich na ceudan de dh’òrain, naigheachdan agus eile a th’ air an glèidheadh 's air an tasgadh gu cùramach againn. "Anns na laithean aitghearr a dh' aom" (in the merry days gone by) mar a thubhairt "am Boyan" (fear air an robh Donnchadh Mac an t-Saoir a bha 's a chreag le m' shin-sheanair).

Nach math am frith ainm e? 'Am Boyan' agus 's iomadh frith ainm a bha am measg nan sgleatair (quarryworkers) co-dhiubh ma 'se creagadairean (blasters), gillean an ùrlair (floor workers), na gillean a’ bhanc (dressers) a bh’ annda.

'Am Boyan'? Sin 'am ballach' Càit eile an cluinneadh tu am facal sin? Innsidh mi dhuibh; ann an Tìr Chonail (Donegal)! Coltach leis an fhacail a th’ againne airson ‘an toilet ‘am proco’ – facal a chluinnte ann an Kerry! Bha bàtaichean daonnan a’ tighinn a-staigh à Eirinn a’ feitheachd an turn airson luchd (a load of slate) a thogail agus theagamh nach deachaidh buaidh fhàgail leis na h-Èireannaich air ar dualchainnt cuideachd.

Chan e rud marbh a bha ‘s a’ Ghàidhlig riamh ann an àite sam bi agus chan eil coir againn a bhith a’ stèidheachadh ar dualchainntean air aon no dithist a chaidh a chlàradh. Chan e 'language fascists' a th' annainn! 'S e 'non-purist, purist, traditionalist, revivalist' a th 'annam. Ach nach e sin na bh' ann an luchd-ealain na Gàidhealtachd riamh!?

Gu fòrtanach ge-tà bha na ficheadan a chaidh a chuir air chlàr againn agus co-dhiù seachdnar beò fòs (fhathast) aig a bheil a’ Ghàidhlig, cuid dhiubh gu plamach (badly) ‘s cuid eile gu geur-fhaclach (well). Tha seo toirt dhuinn bunachadh math airson ath-bheothachadh a dhèanadh air a’ chànan agus a bhith a' brosnachadh misneachd as ùir do dhualchas an àite!

‘S e dualchainnt beò a th’ ann an Gàidhlig Bhaile Chaolais agus tha mise uamhraidh fortanach mar ‘ sgleatair’ (a man with links to the quarry here) a bhith an urrainn a’ Ghàidhlig a bhruidhinn a h-uile latha leis an fheadhainn mu dheireadh aig a bheil i san dùthaich - agus air uairean (sometimes) leis an fheadhainn a tha nise (coltach le cuid dem sheòrs’) sgabte air feadh an t-saoghail an dèidh dùnadh doicheallach (tragic) a’ chreig (‘s chan e ‘na creige”).

Coltach le meall eilthirich eile tha sinne uamhraidh bòsdail (proud) anns an àite às an tàinig ar sinnsearan agus anns na seann fheadhainn air an do chuir sinn eòlas nar n-òige.

Ma tha ùidh agaibh anns na nithean a chuireas mi a-suas an seo curaibh teachdaireachd agus cuiridh mi air liosta a’ phuist dhealain agam sibh. Tha a h-uile dùil agam gum bi clasaichean a’ ruith an ath-bhliadhna uaireigin cuideachd (cuideachd pronounced without the 'k' sound!).

Taing dhuibh a-rìthist agus tha fiughar sgaiteach orm a bhith cracaireachd riubh!

Griogair 'ic Ghordain 'ic E'n 'ic Uilleam 'ic Thom 'ic Uilleam.

No comments:

Post a Comment