Featured post

Bloga Ùr – New Blog

Tha sinn air a’ Bhloga againn ath-nuadhachadh: We have renewed our Blog: http://dorlach.scot/category/blog Chaidh a chur air bhog mar phàirt...

Wednesday 27 February 2013

'Ginger' Wilson (E'n Alasdair Stiubhart MacUilleam)

http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/34419/2

'Ginger' Wilson (E'n Alasdair Stiubhart MacUilleam) ag innse naigheachd mun mhurt. B' ann an Seann Bhaile a' Chaolais (North Ballachulish) a fhuair Ginger arach agus tha a' Ghaidhlig aige na shamhladh coileanta de Ghaidhlig a' chearn sin (far a bheil mi fhin a' tamhachd 's na laitheanan seo).

Fhuair Ginger a chuid a b' fhearr de na naigheachdan aige 'o Chiorstan Camaran, te de na Camaranaich a taobh tuath Baile Chaolais a bha uamhraidh barraichte air na naigheachdan. B' iad Camaranaich agus feadhainn Mhic Coinnich a bha air an "taobh thall don uisge" mar a theireadh "muinntir a' sgleat" (South Ballachulish people).

Mar ri Sandy a' 'Bhlud' (tha cuimnhe air a' Bhlud anns a' phort a chaidh a dheanadh air a shon le Uilleam, co-ogha mo sheanair air a bheil ' John MacDonald of Glencoe') agus Uilleam Kemp, Mac Chiobair as an eilean Sgitheanaich a fhuair arach ann an Gleann a Comhann, chosg Ginger mor-chliu dha fhein aig am an dala chogaidh.

An deidh dhaibh a dhol an greim na Nazis anns an Fhraing, fhuair iad mu sgaoil agus rinn iad an rathad a-sios do Thir nam Bascach far an d'fhuair iad aiseag a-nunn don riogheachd. Cha robh forthais gum bu bhuill iad den arm Bhreatannach chionn gun do chum iad orra a' bruidhinn Gaidhlig fad an tiom 's gun fhios aig duine de bu chanan daibh!

Duine laidir foghantach a bh' ann an Ginger na latha agus theagamh nach d'fhuair Nazi no dha an laimhseachadh a bha iad a toiltinn aig an Abrach mor seo air an rathad mor do San Sebastian.

Air an rathad a-sios thainig iad tachairt air an Gestapo agus dar a chaidh a' cheist a chuir orra "co as a tha thu?" fhreagair Uilleam "Ard na Staing" (baile-fearann beag a tha teann air Sron an t-Sitheann) e comharrachadh taobh tuath na Ruis air a' mhap le chorrag! Dar a cheistnaich iad Ginger fhreagair esan "AN GEATA DE DH'IFRINN!!" agus mar a thubhairt Ginger fhein "cha robh fhios aca c'a'n robh ifirinn!'.

No comments:

Post a Comment