Featured post

Bloga Ùr – New Blog

Tha sinn air a’ Bhloga againn ath-nuadhachadh: We have renewed our Blog: http://dorlach.scot/category/blog Chaidh a chur air bhog mar phàirt...

Thursday 28 February 2013

TOSGAIREAN

TOSGAIREAN

Current Dialect Ambassadors

Co-dhiù, seo na th' againn gu ruig seo!

Well, here's what we've got so far!

Ma tha fiosrachamh a dhìth oirbh mun cuairt air na dualchainntean a leanas no an ionnsachamh, o dheas gu tuath:

Diùra
Comhghall 's Meadhan Arra-Ghàidheil
Latharna
Baile Chaolais 's Gleann Comhain
Bàideanach
Leódhas an Iar-thuath

....seo agaibh na TOSGAIREAN a bheireas dhuibh cuideachamh!

If you lack information on the following dialects or learning them, from south to north:

Jura
Cowal & Mid-Argyll
Lorn
Ballachulish & Glen Coe
Badenoch
North-west Lewis

here are the TOSGAIREAN to help you out!

Agus tuillidh air sin, dé ur beachd air TOSGAIREAN ùra? Leis cho beag 's a tha an gnothach fhathast, tha TOSGAIR dhìth air an leòr den dùthaich....

And besides that, what do you think about new TOSGAIRs? Given that there are still only a few of us, much of the country lacks a TOSGAIR....

Bheil sibh eòlach air cuideigin a tha gu math fiosrachail air dualchainnt air choireigin, cuideigin a tha gu math fileanta ann an dualchainnt air choireigin no theaga cuideigin a bhitheas a' toirt aire mhóir do dh' eachdraigh Ghàidhealach na sgìre acasan?

Do you know of someone who is very knowledgable about a particular dialect, someone who is very fluent in a dialect, or perhaps someone who takes great interest in the Gaelic history of their area?

Tha sinn airson cluinntinn bhuaibh! Na leigibh dàil! Leasachamh sinn an lìon le bhith ag obair còmhla. Cuireamh sinn stad air a' ghrotachamh le bhith toirt neart 's sgàirt do na dh' fhàg an saoghal aig a chùl....

We want to hear from you. Don't delay! Let us develop the web by working together. Let's put a stop to the degradation by giving strength and vigour to what the world left behind....

Thoiribh dhuinn ur beachdan :)

Give us your thoughts :)

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall 's Meadhan Arra-Ghàidheil
adhamhobroin@gmail.com


No comments:

Post a Comment