Featured post

Bloga Ùr – New Blog

Tha sinn air a’ Bhloga againn ath-nuadhachadh: We have renewed our Blog: http://dorlach.scot/category/blog Chaidh a chur air bhog mar phàirt...

Wednesday 27 February 2013

Seachdain na h-Apann: Pàirt a Ceathair

Cumaidh sinn Seachdain na h-Apann a' dol beagan nas fhaide agus seo cuid eile de na rudan eadar-dhealaichte a fhuair Pàraig agus e ag éisteachd ri Ciorstan Chamshron às an Apainn agus a' toirt comas air Gàidhlig sin agus Gàidhlig an Lios Mhóir....

Carrying on with Appin week a little further (next week.... Arran!) and here are some more observations from Paddy on the differences between Lismore and Appin Gaelic....

"Ag innse" - Cha chreid mi nach abarainn-sa an da chuid "ag innse" agus "ag innseadh", chan eil mi cinnteach, their mise na facail a-reir mar a chualaig mi iad, ach dh' fhaoidte nach eil mise ag eisdeachd ceart ris na chluinneas mi.

"Muth(adh)" - Tha mi smaoineachd gun d' thubhairt i an da chuid "muth" agus "muthadh", 's e muthadh a theirinnsa daonnan, chan eil mi smaoineachd gun abarainn e gun an -adh aig an deireadh.

"Orinn" - Feumaidh mi eisdeachd ris a' chlaradh a-rithist, shaoil leam gun do dh' fhuamnich i am facal seo 'ihreen', ach chan eil mi idir cinnteach, 's e 'awreen' a theirinn-sa.

"Teann air" - Theirinn-sa seo cuideachd, cho math ri 'dluth air', agus corra uair 'faisg air'.

"A' creic" - 'S e seo a theirinn-sa cuideachd, chualaig mi a' reic ga uisinneachadh ann an Lios Mor cuideachd.

"A h-uile ni" - Theirinn-sa seo cuideachd, a-reir coltais 's e a h-uile nithean a theireadh iad shuas am Baile Chaolais.

"Bha sinn a' feum" - Tha an construction seo gle chumanta ann an Lios Mor cuideachd, m.e bha mi a' feum dol don Oban.

"Murt Apainneach" - Cha chualaig mi an t-ainm seo riamh roimhid , 's e murt na h-Apann a theirinnsa.

"Marah" - Seo mar a dh' fhuamnichinn am facal 'marbh' cuideachd.

"Bristeadh" - Seo mar a dh' fhuamnichinn am facal seo cuideachd, leis an 't' anns a' mheadhon, an aite 'briseadh'.

"Stories" - Tha seo a' cur beagan de dh' iongnadh orm, nach robh facal Gaidhlig aice air seo, ann an Lios Mor 's e sgeul no sgeulachd a theireadh iad, cha chualaig mi riamh am facal 'stoiridh' ga uisinneachadh anns an eilean.

"A' cruinneachdainn" - chualaig mi am form seo aig Mrs MacLucas, Meudarloch cuideachd(bho na claraidhean aig Tobar an Dualchais). Dh' fhaoidte gur e seo a theireadh iad ann an Lios Mor cuideachd, cha chualaig mise riamh ach "a' trusadh" ga uisinneachadh ann an Lios Mor airson gathering.

"Ag radhainn" - Tha seo nas coltaiche ri Baile Chaolais, ann an Lios Mor cha chreid mi nach e ag radhann a theireadh iad(gun an i).

"Ceol" - Dh' fhuaimnich i am facal seo ceart mar a dh' fhuaimneachadh iad ann an Lios Mor e, gun an fhuaim 'y' an deidh an C.

"Na Dailean" - Dh' fhuamnich ise an ainm-aite seo 'nah dellen"(tha Na dailean eadar Port na Croise agus Taigh na h-Apann, theireadh sinn 'Dallens' ris ann am Beurla.

"A-nunn" - Dh' fhuamnich i am facal seo, cha mhor, 'a-numm' an aite 'a-nunn' mar a theirinnsa e.

"Dithist" - Seo mar a therinnsa am facal seo cuideachd, le 't' aig an deireadh.

"Mar am biodh" - Seo mar a theirinn-sa an construction seo cuideachd, 's chan e 'mar gum biodh'.

"aig a' Bhealach Dearg" - Tha fhios agam gasda far bheil am bealach dearg, tha e shuas os cionn Caisteal Stalcaire, am bealach eadar Port na Croise agus Leitir Siuna"

No comments:

Post a Comment