Featured post

Bloga Ùr – New Blog

Tha sinn air a’ Bhloga againn ath-nuadhachadh: We have renewed our Blog: http://dorlach.scot/category/blog Chaidh a chur air bhog mar phàirt...

Thursday 28 February 2013

TOSGAIR Dhiùra

Tha sinn dìreach air ar dòigh air fad a bhith cur fàilte mhór air Deòrsa, ogha Pheigi Chracaig don DROITSEACH mar THOSGAIR Dhiùra!

We are over the moon to be welcoming Dr George Jones to the team as TOSGAIR for the dialect of the Island of Jura!

'S ann à ceann deas Dhiùra a thàinig mèathair Dheòrsa agus is ann bhuaichese a dh' ionnsaich e Gàidhlig an tóiseachd. Tha Deòrsa cuideachd fileanta ann an Cuimris agus cànain eile agus bithidh e ag obair mar neach-eadar-theangachaimh: http://www.gjls.co.uk/

It is from the south end of Jura that George's mother hailed and it is from her that he learned Scottish initially. He is also fluent in Welsh and other languages and works as a translator at George Jones Language Services: http://www.gjls.co.uk/

Chuir Deòrsa crìoch air tràchdas PhD air cainnt an eilein ann an 2010, agus bithidh e fiadhaich fhéi' toilichte cuideachamh le duine sam bith a tha ag iarraidh tuillidh ionnsachamh mun cuairt air dualchainnt Dhiùra.

George completed his thesis on the language of the island in 2010, and he will be exceedingly pleased to help anyone who wants to learn more about the dialect of Jura.

Tha cuimhne agam glan a' chiad uair a bhruidhinn mi ri Deòrsa air an fhón agus an ainm an aigh, cha robh facal Beurla na chainnt! 'S e Gàidhlig Arra-Ghàidheil urramaichte math a bh' aige agus chan fhaigheamh sinn nas fheàrr airson TOSGAIR Dhiùra, leis gun do shiubhail an neach-labhairt fileanta mu dheireamh anns an eilean bho cheann bliadhna.

I remember well the first time I spoke to George on the phone and my goodness, there was not a word of English in his speech whatsoever! It is superbly good Argyll Gaelic he speaks and we couldn't get better as a TOSGAIR for Jura given that we lost the last fluent native speaker living on the island only a year ago.

Tha sinn a' còmhdachamh Arra-Ghàidheil beag air bheag! Nist, de mun cuairt air a' chòrr de dh' Alba? :)

We are covering Argyll little by little! Now, what about the rest of Scotland? :)

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall
adhamhobroin@gmail.com
Deòrsa Ogha Pheigi Chracaig
Eilean Diùra
george@gjls.co.uk

No comments:

Post a Comment